Bòidhchead ar Sgìre

A bheil sibh an dùil tadhal air Ceann a Tuath Leòdhais? Leigibh leis an luchd-treòrachaidh òg anns an fhilm ghoirid seo sealltainn dhuibh gach rud inntinneach a nì agus a chì sibh sa Cheann a Tuath. Cuiribh eòlas air na tràighean àlainn againn, tadhailibh air iomadh gnìomhachas ionadail no rannsaichibh eachdraidh na sgìre.
Le taing gu clann na sgìre agus gach gnìomhachas a chithear san fhilm, gu Caledonian Mac a' Bhriuthainn, WeeStudio, HebDrone, Comunn na Gàidhlig agus Urras Oighreachd Ghabhsainn.

Cuir taic
Cuidich Comunn Eachdraidh Nis eachdraidh, cultar, cànan agus dualchas sgìre Cheann a Tuath Leòdhais a ghlèidheadh agus àrdachadh airson nam bliadhnaichean a tha tighinn.
Cuir taic →